4 seachdainean airson ar film chur a-steach

Na gabh dragh ge-tà, tha fhathast tìde ann film a dhèanamh ron cheann-là: 1 an Dùbhlachd 2008

Maoin duaisean gu h-iomlan: £35,000

Film as fheàrr le neach-dreuchd: £5,000
Film as fheàrr le farpaiseach ùr: £3,000
Film as fheàrr le clann 12-17: £1,500
Film goirid as fheàrr air fòn-làimhe: £1,000
>> coimhead air ar duaisean agus stiùireadh ghnèithean an seo

Chan fheum thu ach film 3-5 mionaidean no film goirid air fòn-làimhe de 60 diog a dhèanamh >> barrachd mun cho-fharpais


Mentors
Keith Partridge

Tha pailteas chothroman airson filmeadh air a' bhlàr a-muigh. Bhruidhinn neach-camara Keith Partridge ruinn mu na molaidhean mòra aigesan.

Carson nach cuir thu do sgriobt fhèin gu fear dher prìomh stiìirichean: Don Coutts, Iain Fionnlagh MacLeòid, Mike Alexander, Robbie Fraser no Bill MacLeòid. Tha iad daonnan glè thoilichte sgriobtaichean a leughadh agus beagan comhairle a thoirt air ais, chan fheum thu ach an sgriobt a chur gu fios@filmg.co.uk agus cuiridh sinn thuca e. Bruth an seo gus faighinn a-mach mu ar luchd-comhairle.

>>Fiosrachadh feumail

Ceòl is dlighe

5 ceumanan furasta

faclar film Gàidhlig

>>Bùithtean-obrach FilmG gan cumail an Sabhal Mòr Ostaig air an 11mh is 12mh an Dàmhair. Bha 18 oileanaich ann agus faodar dealbhan fhaicinn air ar làrach Facebook – taing do na h-oileanaich is don luchd-teagaisg airson ’s na rinn iad!

>>Greg Hemphill a’ cur taic ri FilmG “tha film goirid na fhìor dheagh cheum gu ruige cosnadh anns a’ ghnìomhachas agus feumar a bhrosnachadh an-còmhnaidh”.